Books Should Be Free Loyal Books Free Public Domain Audiobooks & eBook Downloads |
|
Coinneach Odhar Am Fiosaiche By: D. B. Blair |
---|
![]()
AM FIOSAICHE Leis an Urr. D. B. Blair, D. D. nach maireann. SYDNEY, C. B.: "MAC TALLA" OFFICE 1900 [Ath Sgrìobhadh an leabhar seo do leabhar d le Lee Ramsay ROIMH RADH Cha 'n eil ach duin' ainneamh am measg nan Gàidheal nach cuala bheag no mhór mu Choinneach Odhar, ach tha ùine cho fada o'n bha e ann mu dha cheud gu leth bliadhna 's gu bheil eachdraidh a bheatha agus na fiosachdan a rinn e a dol ann an tomhas mor á cuimhne. Chuir an sàr Ghàidheal, Alasdair Mac Coinnich, a mach leabhar beag Beurla mu thimchioll an fhiosaiche ainmeil so anns a bhliadhna 1877, leabhar a fhuair deagh ainm aig an àm, agus a bha air a chur an clò uair no dha an deigh sin. Tha an eachdraidh ghorid a th' anns an leabhran so o pheann an Urr. D. B. Blair, D.D., nach maireann, aon de na sgoilearan Gàilig a b' fhearr a bha riamh anns an dùthaich so. Bha i air a clo bhualadh anns a MHAC TALLA 'sa bhliadhna 1893, 'nuair a bha 'm paipear sin air ùr thòiseachadh. Thatar ga 'cur a mach anns a chruth so an dràsda an dòchas gu 'n taitinn i ris na Gàidheil aig am bheil gràdh do chainnt agus do eachdraidh an sinnsear; agus ma nochdas iad an tlachd de 'n oidheirp le bhi ceannach an leabhrain, gabhar misneach gu leabhraichean Gàilig eile a chur a mach o àm gu àm. {1} Coinneach Odhar, Am Fiosaiche. Anns an àm a chaidh seachad b' àbhaist do na Gàidheil agus do mhuinntir eile a bhi creidsinn gu mor ann an "Taibhsearachd," no an "Da shealladh," mar a theireadh iad. Bho cheann tri fichead bliadhna agus a deich, nuair a bha an sgriobhadair so 'na ghiullan beag, ann am Mùideart, ann an Gleann Alladail, a' fuireach anns an taigh far an do chaidil Prionnsa Tearlach, nuair a bha e air a thurus gu Gleann Fhionghain, far an do chuir e suas a' bhratach ri crann anns a' bhliadhna 1745, is iomad sgiala agus beulradh a chual' e mu dheibhinn taibhsearachd; oir, bha taibhsearan ann am Mùid eart glé lionmhor aig an àm sin. Ann an {2} Lochabar, an deidh dha Mùideart fhàgail, bu tric a chual e iomradh air Coinneach Odhar, am Fiosaiche, Taibhsear ainmeil a bha bho shean ann an taobh tuath na h Alba. Theagamh nach cuala moran de na Gàidheil a rugadh anns an dùthaich so mu thimchioll; agus air son fiosrachaidh dhaibhsan, faodar beagan aithris an so, a réir a' chùnntais a chuir Mr. Alastair Mac Coinnich a mach mu dheibhinn anns an leabhar a sgriobh e uime. Rugadh Coinneach Mac Coinnich, no Coinneach Odhar, ann am Baile na Cille, an Sgireachd Uig, an Eilean Leodhais, mu thoiseach na seachdamh linn diag, mu 'n àm anns an robh Seumas a sia bho Albainn, no Seumas a h aon air Sassun, 'na righ air Breatuinn, agus air Eirinn us Manainn. Cha 'n 'eil a bheag sam bith air chuimhne mu laithean 'òige, ach a mhàin nuair a bha e anns na deugan, mu 'n robh e fichead bliadhna dh' aois, gu 'n d' fhuair e Clach na Fiosachd, leis am b'urrainn da innseadh ciod a thachradh san àm ri tighinn. Fhuair e a' chlach air an dòigh so, mar their cuid: Bha {3} a' mhàthair feasgar àraid, a reir a' bheulraite, a' buachailleachd a' chruidh air an àiridh, air leacuinn aonaich ris an abairteadh Cnoc Eothail, os cionn cladh Baile na Cille, an Uig. Mu mharbh mheadon oidhche chunnaic i a h uile uaigh sa' chladh a' fosgladh, agus dòmhlas mor sluaigh ag eiridh as na h uaighibh, beag us mor, sean us og, bho 'n naoidhean gus an sean athair liath, agus a' falbh gach rathad as a' chladh. An ceann uarach de thim thill iad air an ais, agus chaidh iad a staigh do na h uaighibh a rithist, agus dhùin gach uaidh mar a bha i roimhe. Thainig màthair Choinnich am fagus do 'n chladh, agus thug i fainear aon uaigh a bha fosgailte fhathast. A chionn gu 'm bu bhoirionnach dalma, smioral i, chuir i roimpe gum biodh fios aice c'arson a bha an uaigh so fosgailte nuair a dhùineadh càch... Continue reading book >>
|
eBook Downloads | |
---|---|
ePUB eBook • iBooks for iPhone and iPad • Nook • Sony Reader |
Read eBook • Load eBook in browser |
Text File eBook • Computers • Windows • Mac |
PDF eBook • Download & View PDF file |
Review this book |
---|